Taic Loganair "cho cudromach 's a ghabhas"

Epishuttle Image copyright RAF
Image caption Bidh podaichean Epishuttle air bòrd nam plèanaichean.

Rinn Comhairle nan Eilean Siar moladh air Loganair airson taic a chumail riutha tro staing a' Choròna-Bhìorais.

Thèid dà phlèana aig Loganair a chleachdadh gus euslaintich eileanach a ghluasad gu Tìr-Mòr, le taic bho Sheirbheis Charbad-Eiridinn na h-Alba.

Thèid Twin Otter agus Saab 340 a chur gu feum is podaichean Epishuttle air bòrd.

Chan eil àite anns na podaichean ach airson aon duine, rud a tha a' cumail an euslaintich fa leth bho luchd-cùraim.

Tha seo mar phàirt de cheumannan a dh'fhoillsich Rùnaire na Slàinte Diciadain.

Moladh

Thuirt Comhairle nan Eilean Siar gun robh coinneamh bhideo aca le Àrd-Stiùiriche Loganair, Jonathan Hinkles, is gu bheil iad mothachail air taic na companaidh.

"Tha sinn a' cur fàilte air an taic leantainnich a tha Loganair a' cumail ris na h-Eileanan tro na h-amannan dùbhlanach a tha seo," thuirt cathraiche Còmhdail Comhairle nan Eilean Siar, Ùisdean Robasdan.

"A bharrachd air na dleastanasan coimeirsealta aca, tha àite cudromach aig Loganair ann am beatha shòisealta nan eilean, is tha iad air ceum eile a ghabhail gus taic a cumail rinn tron èiginn a th' ann.

"Bidh na seirbheisean seo cho cudromach 's a ghabhas dhan fheadhainn a tha feumach air siubhal ann an suidheachadh èiginn," thuirt iad.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile