Cìsean parcaidh air stad rè ùine
- Published
Dh'innis Comhairle nan Eilean Siar nach eil cìsean parcaidh gan cur an sàs ann am meadhan Steòrnabhaigh rè ùine.
Thuirt iad nach bi na cìsean ann fhad 's a tha riaghailtean Covid-19 a' leantainn.
Dh'iarr a' Chomhairle air daoine ge-tà, cho fad 's as urrainn dhaibh, gun a bhith a' parcadh nas fhaide na tha ceadaichte mar as àbhaist.
Gheibhear fiosrachadh mar mar a tha Comhairle nan Eilean Siar a' dèiligeadh ri suidheachadh a' bhìorais an seo.