Margaidhean sprèidh a' cumail orra

Published

Tha luchd nam margaidhean sprèidh ann an Alba ag ràdh gu bheil na dh'ionnsaich iad bhon ghalar-roilleach air an cuideachadh ann a bhith a' cumail orra tro staing a' Choròna-Bhìorais.

A dh'aindeoin nam bacaidhean a th' ann, tha e air a bhith comasach do mhargaidhean air feadh na h-Alba a bhith fosgailte agus stoc a reic.

Chaidh còrr is 2.5 millean beathach a reic aig margaidhean sprèidh ann an Alba an-uiridh, aig luach cha mhòr £0.5bn.

Dragh

Nan dùineadh na margaidhean, dh'fhaodadh e buaidh mhòr a thoirt air an t-siostam a tha a' cumail bìdhe ris an t-sluagh.

Tha na margaidhean a' leantainn nan obair le riaghailtean sònraichte, agus chan fhaod ach luchd-ceannaich a th' air clàradh ro-làimh a bhith an làthair.

Ach tha rabhadh ann gu bheil prìs nan uan air tuiteam gu mòr ri linn crìonadh ann an roinn na h-aoigheachd agus margaidhean eadar-nàiseanta, agus gum faodadh gum bi droch bhuaidh eaconomach an lùib sin do thuathanaich.