Peatlemania air BBC ALBA

Published
image copyrightAlan Cruickshank

Are you from the Isle of Lewis or is it the hills of Harris? Are you from the North of Uist or is it the Isle of Skye?

No an ann a cùl na Gealaich a tha thu? Oir sin 's dòcha an aon leisgeul a bhiodh agad gun a bhith mothachail air sgeulachd iongantach Peat and Diesel.

Thòisich e, a rèir choltais, le seiseanan aig an taigh.

'S dòcha gum faca sibh na bhideothan a bh' aig Boydie air Facebook? Salt and Pepper, Justin Bieber, Salt and Pepper, Copan Tì. Salt and Pepper, Justin Bieber.

Clach a bha mo sheanmhair, mo sheanmhair, mo sheanmhair.

Tha an còmhlan fhèin fhathast ag ràdh nach eil iad a' tuigsinn carson, ach chòrd iad ri daoine. Gu mòr.

Abair turas a bh' aig Boydie, Uilly is Innes.

Dà chlàr. Am fear as ùire sa phrìomh 40 san Rìoghachd Aonaichte.

Òran Nollaige a bh' air billean an t-sluaigh. Uill feadhainn aca co-dhìu.

Duaisean. Cèilidh na Bliadhna Ùire air BBC ALBA.

image copyrightDCT Media

Na Barrowlands làn - na ticeadan air fad air falbh ann an leth uair de thìde.

Is fèill mhòr air Peat and Diesel thall 's a-bhos.

Gu fortanach, bha Dàibhidh Martin aig MacTV a' leantainn nam balach air an t-slighe.

Tha sin a' fàgail gu bheil cothrom againn uile a dhol an sàs ann am beagan Pheatlemania air BBC ALBA oidhche Haoine.

Tha teans gum bi e cha mhòr cho math ri seisean còmhla ri Kenny Dhòmhnaill Fhionnlaigh.

co-dhiù dot com - beagan dibhearsain a bhios ann.

Is nach eil sinn uile feumach air sin an-dràsta?

Bidh 'Peat & Diesel - That's the way we do it!' air BBC ALBA oidhche Haoine aig 9f, le 'Peat & Diesel - From the Barrow to the Barrowlands' an uairsin ann aig 10:30f.

Timcheall a’ BhBC

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh