Dragh mu euslaintich aig New Craigs

Published
image copyrightGoogle

Nochd draghan a thaobh mar a tha euslaintich aig ospadal inntinn New Craigs ann an Inbhir Nis gan dìon bhon choròna-bhìoras.

Thuirt a' bhuidheann iomairt, 'MeToo Highland', gun deach dà uard a chur còmhla agus nach eil na riaghailtean a thaobh astar sòisealta, gan cur an sàs mar bu chòir.

Thuirt iad gu bheil seo a' toirt buaidh air mu 20 euslainteach.

Thog a' bhuidhean dragh cuideachd nach eil uidheamachd cheart aig luchd-obrach an ospadail airson an dìon bho Chovid-19.

Sàbhailteachd

Dh'innis am BPA Làbarach Gàidhealach, Dàibhidh Stiùbhart, gu bheil e air sgrìobhadh gu NHS na Gàidhealtachd mun ghnothach.

Thuirt NHS na Gàidhealtachd gun deach crathadh a thoirt air seirbheisean air adhbharan sàbhailteachd leis gu bheil àireamh an luchd-obrach air crìonadh air sgàth a' choròna-bhìorais.

Dh'innis iad gu bheilear a' leantainn nan riaghailtean a thaobh astar sòisealta is gu bheilear ag iarraidh air euslaintich fuireach nan rumanan fhèin.

Thuirt iad cuideachd gun deach amannan bìdh atharrachadh gus am bi e comasach astar sòisealta a chumail.