Ceòlas air a chur dheth

Fidheal

Thàinig dearbhadh nach tèid Sgoil Shamhraidh Cheòlais ann an Uibhist a Deas air adhart am-bliadhna ri linn staing a' choròna-bhìorais.

A bharrachd air an sgoil shamhraidh fhèin, chaidh symposium coimhearsnachd agus cùrsa bogaidh a bha gus a bhith ann san Iuchar a chur dheth.

Bha Ceòlas mar-thà air tachartasan gu ruige an Ògmhios a chur dheth.

Clach-mhìle

Bha a' bhuidheann gus a bhith a' comharrachadh 25 bliadhna den sgoil-shamhraidh am-bliadhna.

Thuirt iad gu bheil iad an dùil gun till làn phrògram an ath-bhliadhna eadar an 4mh is an 9mh dhen Iuchar 2021, agus gum bi cothrom ann an uairsin a' chlach-mhìle a chomharrachadh.

Dh'innis Ceòlas gun deach cìsean a phàigheadh ais ais do na h-oileanaich a bh'air clàradh am-bliadhna, agus gun tèid cùmhnantan an luchd-teagaisg a choileanadh cuideachd.

Thuirt Ceòlas cuideachd gu bheil iad ag obair "gus ìomhaigh na buidhne a chumail an-àirde air loidhne, agus nì sinn ar dìcheall pìosan dhen sgoil shamhraidh 2020 a lìbhrigeadh thugaibh gu didseatach ann an dòigh air choireigin".

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile