Barrachd ghoireasan airson euslaintich eileanach a ghluasad

Published
image copyrightRAF

Dhearbh Rùnaire na Slàinte gu bheilear a' cur air dòigh barrachd ghoireasan gus euslaintich a ghluasad eadar eileanan na h-Alba is Tìr-Mòr.

Bha Jeane Freeman a' freagairt ceist sgrìobhte bho BhPA nan Eilean Siar, Alasdair Allan.

Dh'innis i gu bheil Riaghaltas na h-Alba air ochd podaichean beaga Epishuttle a cheannach.

Chan eil àite anns na podaichean ach airson aon duine, rud a tha a' dìon an euslaintich agus luchd-cùraim.

Tha dà Epishuttle aca mar-thà, is dùil gum bi iad air an cleachdadh bho Dhihaoine.

Tha dùil ris a dhà eile ann am meadhan a' Ghiblein, agus ceithir a bharrachd ann am meadhan a' Chèitein.

Taic

San eadar-ama, thuirt i gu bheil dà heileacoptair Puma RAF aig Ceann Lois rim faighinn airson euslaintich air eileanan a ghluasad.

Chan eil podaichean Epishuttle air na heileacoptairean, ach bidh eòlaichean bho Sheirbheis Charbad-Eiridinn na h-Alba rim faighinn airson taic a thoirt seachad fhad 's a thathar a' gluasad euslainteach.

Dh'innis Ms Freeman cuideachd gu bheil an Riaghaltas ag obair le Loganair is gum bi dà phlèana ann le podaichean Epishuttle air bòrd gus euslaintich a ghluasad.

Thèid Twin Otter agus Saab 340 a chur gu feum.

Thuirt i gun tèid heileacoptair a chleachdadh ann an suidheachadh sam bith far nach urrainn do phlèana laighe.

Thuirt Alasdair Allan gur e ceum air adhart a th' ann gum bi barrachd dhòighean air euslaintich a ghluasad, is dh'iarr e air daoine às ùr an stiùireadh oifigeil a thaobh a' Choròna-Bhìorais a leantainn.