Cùmhnant ùr an MV Glen Sannox

MV Glen Sannox Image copyright Getty Images

Chaidh cùmhnant a thoirt seachad 'son obair-dealbhachaidh a cheartachadh is a chrìochnachadh air a' bhàta-aiseig an MV Glen Sannox.

'S e an Glen Sannox tè de na bàtaichean a thathar a' togail aig Gàrradh MhicFhearghais air Cluaidh.

Tha na bàtaichean fada air dheireadh is gu mòr thairis air buidseat.

Dh'fhàg am bùrach a bh' ann gun do ghabh Riaghaltas na h-Alba smachd air a' ghàrradh an-uiridh.

Tairgse

Tha dearbhadh ann a-nise gu bheil cùmhnant 'son obair-dealbhachaidh an Glen Sannox a cheartachadh is a chrìochnachadh air a dhol dhan chompanaidh ICE, a tha clàraichte ann an Eilean Mhanainn.

'S iad an aon chompanaidh a rinn tairgse 'son a' chùmhnaint, anns a bheil luach £2.1m.

Bidh an Glen Sannox air a' cheann thall air an t-slighe eadar Eilean Arainn is Tìr-Mòr.

Bidh am bàta eile, a tha aig ìre nas tràithe na an Glen Sannox, a' dol eadar Ùige, Loch nam Madadh is an Tairbeart air a' cheann thall.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile