Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

1 An Giblean 2020 Ùraichte aig Ùraichte aig

Eaconomaidh

Tha dragh ann gun tèid cho mòr ri 800,000 gnìomhachas ann am Breatainn fodha taobh a-staigh beagan sheachdainean le buaidh a' choròna-bhiorais. Tha companaidhean beaga agus meadhanach beag ag ràdh nach eil mòran coltas ann gum faigh iad a' chiad ghreis na h-iasadan a gheall an Riaghaltas. Tha na bancaichean a tha os cionn an sgeama ag ràdh gu bheil iadsan a' cumail ris na riaghailtean gum feum companaidhean feuchainn an toiseach ri iasad fhaighinn anns an dòigh àbhaisteach. Sgrìobh am BP Làbarach, Rachel Reeves, a tha na cathraiche air Comataidh Gnothachais Thaigh nan Cumantan, dhan Riaghaltas le dragh mun dòigh 's a bheil na bancaichean a' làimhseachadh an sgeama iasaid èiginnich.

Cùram

Gheall Rùnaire na Slàinte, Jeane Freeman, do luchd-obrach cùraim gum faigh iad a dh'aithghearr aodach agus uidheamachd airson an dìon bhon bhìoras. Tha luchd-obrach air a bhith a' gearan nach eil dìon orra fhèin neo air an fheadhainn dham bheil iad a' toirt curam san dachaidh. Sgrìobh Ms Freeman gu companaidhean cùraim ag ràdh gu bheil aodach 's stuth dìon eile air an t-slighe dhaibh agus gheall i dhaibh gu bheil inbhe aca mar luchd-obrach cudromach aig a bheil cead siubhal dhan obair.

Reachdas Èiginneach

Tharraing Riaghaltas na h-Alba air ais am plana airson cùisean lagh gun diùraidh fhad 's a tha bacaidhean a' choròna-bhìorais an sàs. Bha connspaid ann mun reachdas èiginneach agus luchd-lagh ag ràdh gun robh e ro thràth agus nach robh e cothromach cùis eucoir fheuchainn le britheamh a-mhàin. Thuirt Rùnaire na Bun-reachd, Mìcheil Ruiseal, gun gabh an Riaghaltas tuilleadh comhairle air a' chùis agus gun till iad le bile air an ath-mhìos.

Na h-Eileanan an Iar

Thuirt Comhairle nan Eilean Siar gu bheil e nas cudromaiche na bha e a-riamh gum bi muinntir nan eilean a' gabhail ris a' chomhairle nàiseanta a bhith a' fuireach aig an taigh, agus a bhith a' fàgail astair eadar a chèile. Thàinig dearbhadh an-dè gu bheil Covid-19 air dithis ann an Leòdhas. Tha NHS nan Eilean Siar a' feuchainn ri dearbhadh cò às a fhuair an dithis a' bhìoras. 'S iad na h-Eileanan Siar an sgìre comhairle mu dheireadh ann an Alba anns nach robh dearbhadh air a' ghalair.