Rabhadh mu bhuaidh eaconomach a' Choròna-bhìorais

Published
image copyrightHugh Venables / Geograph

Tha draghan ùra ann mu bhuaidh staing a' choròna-bhìorais air an eaconomaidh is rannsachadh ag ràdh gum faodadh na mìltean de chompanaidhean a dhol fodha.

Thuirt Lìonra an Ionmhais Chorporra, a tha a' riochdachadh chunntasairean, gu bheil còrr is 800,000 gnothachas san Rìoghachd Aonaichte a dh'fhaodadh a dhol à bith taobh a-staigh beagan sheachdainean.

Tha mòran ag ràdh nach eil iad airidh air taic an Riaghaltais, no nach tig airgead thuca luath gu leòr.

Aig an dearbh àm, nochd rabhadh gu h-ionadail ann an Leòdhas gum faodadh an staing gnothachasan mar Chlub Shòisealta Nis a chur ann an cunnart.

Thuirt manaidsear a' chlub, Donnchadh MacFhionghain, gum bi ceist ann mu obraichean is mun chluba fhèin ma mhaireas an suidheachadh grunn mhìosan.

"Tha sinn fortanach gu bheil geamhradh glè mhath air a bhith againn is tha beagan airgid againn sa bhanca, ach cha mhair e fada", thuirt Mgr MacFhionghain.

Eagal

"Sin an trioblaid a bu mhotha a tha gu bhith againn, dè cho fad 's a tha sinn gu bhith dùinte", thuirt e.

Dh'innis Mgr MacFhionghain gun toireadh trioblaidean aig a' chlub buaidh mhòr air sgìre mar Nis.

"Tha ceathrar air cosnaidhean a chall leis a seo. 'S mise an aon duine a tha làn-ùine sa chlub ach tha tè a tha a' glanadh is tha dithis is uaireanan triùir ag obair dhuinn air cùl a' bhàr.

"'S e sgìre bheag a tha seo agus ma tha ceathrar no còignear a' call an obair, ged 's dòcha gur e obair bheag a bh' ann dhaibh, tha sin a' toirt buaidh air teaghlaichean air feadh na sgìre.

"'S e sin a tha eagallach, dè tha sinn gu bhith a' dèanamh ann an sia mìosan mura h-eil an t-àite gu bhith fosgailte, air neo mas urrainn dhuinn fosgladh ann an sia mìosan.

"Am bi obair agam aig a' cheann eile den seo? Is mura h-eil, cà bheil sinn a' dol a dh'fhaighinn obraichean chionn 's tha an t-uamhas dhaoine gu bhith san aon suidheachadh", thuirt e.