"Tha sinn ag iarraidh air daoine fuireach aig an taigh"

Published

Tha Comhairle nan Eilean Siar am measg na tha ag ràdh gu bheil e a-nise nas cudromaiche na bha e a-riamh gun lean daoine a' chomhairle oifigeil a thaobh Covid-19.

Thàinig dearbhadh Dimàirt gu bheil dithis ann an Leòdhas a' fulang leis a' choròna-bhìoras.

Dh'innis an Riaghaltas Diciadain gu bheil a-nise trì cùisean uile gu lèir anns na h-Eileanan.

Thuirt Bòrd Slàinte nan Eilean gur e briseadh-dùil a th' ann ach gun robh iad air a bhith ag ullachadh airson leithid de shuidheachadh anns an sgìre.

Dh'innis iad gu bheil iad a-nis a' rannsachadh ciamar a thàinig am bhìoras air an fheadhainn a tha a' fulang.

Teachdaireachd

Thuirt iad cuideachd gu bheil iad air am misneachadh gu bheil daoine a' leantainn an stiùiridh oifigeil a thaobh a bhith a' fuireach aig an taigh is a bhith a' cumail astar sòisealta bho dhaoine eile, is gu bheil e deatamach gun cum iad orra.

'S e sin an teachdaireachd a bh' aig fear-gairm Comhairle nan Eilean Siar, Tormod Dòmhnallach, is e a' bruidhinn ris a' BhBC Diciadain.

"Bha sinn a' feitheamh ris an là far an robh am bhìoras a' dol a thoirt buaidh air na h-eileanan. Tha sin againn a-nise agus tha sinn an-dòchas an fheadhainn a tha bochd, gum faigh iad leigheas agus gum faigh iad air adhart", thuirt an Comh. Dòmhnallach.

"Tha sinn ag iarraidh daoine a bhith glè fhaiceallach anns an dòigh 's a bheil iad gan giùlain fhèin.

Buaidh

"Tha ruigse aig a' ghalair a tha seo, tha e a' ruighinn fad is farsaing agus gun teagamh sam bith, tha e a' dol a thoirt buaidh air sgìrean iomallach a cheart cho mòr 's a tha e a' toirt buaidh air na bailtean mòra.

"Tha sinn ag iarraidh air daoine fuireach aig an taigh agus gun a bhith a' dèanamh gluasad ach ann an suidheachadh fìor èiginneach", thuirt e.

Dh'innis an Comh. Dòmhnallach gu bheil taic ann aig ìre na coimhearsnachd do dhaoine a tha feumach air biadh is cungaidhean is eile a bhith air an toirt dhaibh.

Faodaidh daoine a tha a' sireadh taic bhon Chomhairle fios a chur orra an seo no air 01851 600501.

Dìon

Tha draghan air a bhith ann aig ìre nàiseanta nach eil daoine a tha a' toirt seachad cùram sòisealta a' faighinn uidheamachd is aodach a dhìonas iad bhon choròna-bhìoras.

Thàinig gealltanas bho Rùnaire na Slàinte, Jeane Freeman, gu bheil na gnothaichean sin air an t-slighe thuca.

Thuirt an Comh. Dòmhnallach nach eil an suidheachadh a tha sin a' toirt buaidh air na h-Eileanan an Iar aig an ìre seo, ach gu bheil dùil gum bi feum air barrachd stuth dìon anns na seachdainnean ri tighinn.

Dh'innis e gu bheil a' Chomhairle moiteil dha-rìribh às an obair a tha luchd-obrach na slàinte is a' chùraim a' dèanamh.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh