Pròiseas slànachaidh aig NHS na Gàidhealtachd

Ospadal Image copyright Getty Images

Gheibh daoine a dh'fhuiling burraidheachd aig Bòrd-Slàinte na Gàidhealtachd cothrom air airgead-dìolaidh, taic bho shaic-eòlaiche, air neo an cosnadh air ais.

Tha seo mar phàirt de phròiseas slànachaidh tha am Bòrd a-nise a' stèidheachadh do dhaoine a tha ag ràdh gun do dh'fhuiling burraidheachd aig a' bhuidhinn, ged nach tòisich e a' chiad ghreis air sgàth èiginn a' choròna-bhìorais.

Dh'innis na ceudan dhan rannsachadh aig Iain Sturrock QC an-uiridh gun robh iad air "eagal, maoidheadh agus dol-a-mach mì-iomchaidh" fhuiling aig NHS na Gàidhealtachd.

Fon phròiseas ùr, bidh aca an toiseach ris na gearanan aca a thogail leis a' Bhòrd fhèin, is bidh cothrom aca an uairsin coinneachadh ri panal neo-eisimeileach de dhaoine le eòlas sònraichte air suidheachaidhean mar seo.

"Bidh slighean air an cur romhpa is bidh roghainn aca air diofar shlighean", thuirt cathraiche NHS na Gàidhealtachd, an t-Oll. Boyd Robasdan.

"S dòcha airson feadhainn, gabhaidh iad dìreach ri leisgeul foirmeil bhon Bhòrd. Feadhainn eile, bidh iad ag iarraidh sheirbheisean slànachaidh inntinn.

Airgead

"Feadhainn eile, bidh iad ag iarraidh 's dòcha an obair air ais, no obair air choireigin air ais aig a' Bhòrd. Feadhainn eile, bidh iad ag iarraidh maoin.

"Thèid sin uile dhan phanal a tha seo a tha neo-eisimileach agus aig astar bhon Bhòrd. Bheir iadsan beachd air dè bu chòir tachairt is cuiridh iad molaidhean a-steach chun Bhùird", thuirt e.

Bidh an co-dhùnadh mu dheireadh aig ceannard a' Bhùird.

Tha NHS na Gàidhealtachd air beagan 's £1m fhaighinn bho Riaghaltas na h-Alba gus am pròiseas a stèidheachadh.

Tha dùil aca ris an tuilleadh airgid bhon Riaghaltas gus airgead-dìolaidh a phàigheadh.

Èiginn

Dh'aidich am Bòrd ge-tà, gun cuir èiginn a' choròna-bhìorais dàil air a' phròiseas.

"Tha sinn ann an suidheachadh èiginneach is chan eil obair làitheil mar a bha e. Tha fòcas làidir aig a' Bhòrd an-dràsta air a' ghalair a tha seo a tha os ar cionn" thuirt an t-Oll. Robasdan.

"Chan urrainn dhuinn a dhol air adhart mar a bha dùil againn is mar a lùigeamaid leis an t-siostam shlànachaidh seo an-dràsta, feumaidh sinn feitheamh gus am bi amannan beagan nas rèidhe againn", thuirt e.

Tha dùil aig a' Bhòrd bruidhinn aig deireadh a' Chèitein air cuin a bhios an siostam ga chur an-sàs.

A' bruidhinn às leth an fheadhainn a thog draghan mu bhurraidheachd an toiseach, thuirt Brian Devlin gur e "clach-mhìle" a tha sa phròiseas ùr.

Thuirt Mgr Devlin gu bheil e gu math misneachail gur e pròiseas a th' ann anns an cuir daoine earbsa.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile