Dà chùis den choròna-bhìoras dearbhte ann an Leòdhas

Bòrd Slàinte nan Eilean Siar

Tha Bòrd Slàinte nan Eilean Siar air dearbhadh gu bheil dithis sna h-Eileanan an Iar a' fulang le COVID-19.

Thill deuchainnean a sheall gur ann leis a' choròna-bhìoras a bha dithis euslainteach ann an Leòdhas.

Tha NHS nan Eilean Siar a-nis a' rannsachadh feuch am faighear a-mach ciamar a thàinig a' bhioras air an dithis.

Thuirt Àrd Oifigear a' Bhùird Shlàinte, Gòrdan Jamieson, agus an cathraiche, Ian Burgess: "Ged is e briseadh-dùil a th' ann gun deach cùisean de ChOVID-19 a dhearbhadh sna h-Eileanan, bu toil leinn fios a leigeil don phoball gu bheil sinn air a bhith a' dèanamh deiseil airson leithid de shuidheachadh airson grunn sheachdainean a-nis."

"Tha sinn taingeil gu bheil uiread de dhaoine air feadh nan eilean air a bhith a' gabhail feart do chomhairle an Riaghaltais fuireach aig an taigh, gus ar cuideachadh bacadh a chur air a' choròna-bhìoras bho bhith a' sgapadh." thuirt iad.

"Chan urrainn dhuinn a mhìneachadh làidir gu leòr, cho cudromach sa tha e a bhith a' fuireach aig an taigh agus a' cumail astar bho dhaoine eile, aig an àm seo."

Comharran den ChOVID-19:

'S iad na comharran as cumanta den choròna-bhìoras casad ùr, leantainneach agus, air a neo, fiabhras (37.8C no nas àirde).

'S e casad ùr, leantainneach:

Far a bheil casad ùr a' maireachdainn nas fhaide na uair a thìde.

Casadaich barrachd air trì tursan taobh a-staigh ceithir uairean fichead.

Casadaich nas motha nan àbhaist.

Tha àireamh fòn fiosrachaidh an asgaidh air 0800 028 2816 fosgailte eadar 8m agus 10f gach là.

No gheibhear barrachd fiosrachaidh aig https://www.nhsinform.scot/coronavirus