Taic CnES do dh'iarrtas Loganair

Air fhoillseachadh

Thuirt Comhairle nan Eilean Siar gu bheil iomagain mhòr orra gu bheil Loganair air innse gum bi aca ri taic ionmhais iarraidh bhon Riaghaltas, ri linn staing a' Choròna-Bhìorais.

Thuirt a' Chomhairle gum bi iad a' bruidhinn ri Riaghaltas na h-Alba mun chùis agus ag iarraidh gum faigh a' chompanaidh taic.

Dh'innis Loganair gu bheil èiginn a' Choròna-Bhìorais a' toirt buaidh mhòir orra is gum bi feum aca air taic èiginnich Riaghaltais airson an cuideachadh tron staing.

Tha iad air cur às dhan mhòr-chuid de na seirbheisean aca mar thà, ged a tha iad a' cumail sheirbheisean deatamach dha na h-eileanan a' dol.

Thuirt Cathraiche Còmhdail Comhairle nan Eilean Siar, Ùisdean Robasdan, gu bheil iomagain orra mu shuidheachadh Loganair.

Thuirt e gu bheil a' chompanaidh a' cumail sheirbheisean riatanach ris na h-Eileanan, le cungaidhean is eile am measg na tha iad a' lìbhrigeadh.

Dh'innis e gu bheil a' Chomhairle gu làidir a' cur taic ri iarrtas Loganair airson cuideachadh fhaighinn, is gum bruidhinn an t-ùghdarras ris an Riaghaltas mun chùis.

Tuilleadh air an sgeulachd seo