Adhartas aig luchd-rannsachaidh Albannach

Published
image copyrightGetty Images

Tha luchd-rannsachaidh aig Oilthigh Dhùn Dè agus Oilthigh Ghlaschu ag ràdh gu bheil iad air lorg fhaighinn air grunn phròtainean a tha gan sgaoileadh leis a' Chòrona-Bhìoras.

Thathas ag ràdh gu bheil iad gan cleachdadh airson innealan bith-eòlasach a chruthachadh a nì strì an aghaidh a' bhìorais.

Fhuair an luchd-rannsachaidh lorg air 31 pròtain fa-leth a tha a' tighinn an cois a' bhìorais, agus gach fear dhiubh a' spreagadh freagairt in-dìonach sa bhodhaig.

Nì iad rannsachadh orra seo thairis air a' cheithir mìosan a tha romhainn, agus feuchaidh iad ri antibodies nan aghaidh a chruthachadh.

Thèid toraidhean an rannsachaidh seo a chur gu sgioba ann an Glaschu a nì barrachd rannsachaidh air a' bhìoras.

Bidh cothrom aig luchd-rannsachaidh air feadh an t-saoghail an uairsin na h-antibodies a thèid a chruthachadh a chleachdadh gus dèiligeadh ris a' bhìoras.