Loganair feumach air taic ionmhasail

Published
image copyrightLoganair

Tha a' chompanaidh adhair Loganair air innse dhan BhBC gum bi aca ri taic èiginneach iarraidh air an Riaghaltas airson an cuideachadh tron staing leis a' Choròna-Bhìoras.

Tha iad mar thà air cur às dhan mhòr-chuid de na seirbheisean aca, agus mòran de na h-itealain aca a-nis nan suidhe aig puirt-adhair, ged a tha iad a' cumail sheirbheisean deatamach dha na h-eileanan a' dol.

Thuirt an t-àrd-oifigear aca, Jonathan Hinkles, gun robh dleastanas moralta orra cumail a' dol leis na seirbheisean sin.

Tha iad ag ràdh gu bheil slighean eile a th' aca cuideachd fìor chudromach, agus iad a-nis mar a' chompanaidh as motha a tha a' siubhal eadar diofar roinnean na Rìoghachd Aonaichte - às dèidh mar a chaidh FlyBe à bith.

Tuilleadh air an sgeulachd seo