Faraidhean aiseig gan reòthadh

Bàt-aiseig ChalMac a' fàgail an Òbain Image copyright Calmac

Tha Caledonian Mac a' Bhriuthainn a' reòthadh faraidhean nan aiseagan aca gus taic a thoirt do choimhearsnachdan eileanach tro èiginn a' Choròna-Bhìorais.

Tha CalMac an-dràsta a' ruith air clàr-ama cuingealaichte, agus chan eileas a' ceadachadh ach siubhal a tha riatanach.

Ri linn sin, chan eil an t-àrdachadh air faraidhean, ris an robh dùil, a-nis a' dol a thachairt a' chiad ghreis.

"Tha ceanglaichean solarachaidh agus seirbheis eadar nan coimhearsnachdan eileanach againn agus tìr-mòr riatanach agus mar sin feumaidh sinn taic leantainneach a thoirt dhaibh tro èiginn a' Choròna-Bhìorais," thuirt Ministear nan Eilean, Pòl Wheelhouse.

"Ri linn seo, tha mi a' reòthadh faraidhean air lìonra nan aiseagan gus am bi an èiginn seachad.

"Nì seo cinnteach nach bi gnothachasan no luchd-bathair fo uallach ionmhasail a bharrachd, agus nach tig cosgaisean a bharrachd air eileanaich a dh'fheumas siubhal airson obair no adhbharan meidigeach.

"Feumaidh daoine fhathast siubhal a sheachnadh eadar coimhearsnachdan eileanach na h-Alba mura h-eil e fìor riatanach, ach bidh an reòthadh seo air faraidhean na chuideachadh dhaibhsan a dh'fheumas siubhal aig an am dhoirbh seo."