Puirt-adhair dùinte do sheirbheisean àbhaisteach
- Published
Cho-dùin Puirt-Adhair na Gàidhealtachd 's nan Eilean (HIAL) na puirt-adhair aca a dhùnadh do sheirbheisean adhair àbhaisteach.
Thuirt a' chompanaidh gun cuidicheadh sin gus dìon a chur air seirbheisean deatamach.
Bidh HIAL, a tha leis an Stàit, a' ruith nam port-adhair air feadh na Gàidhealtachd 's nan Eilean, agus cuideachd Port-Adhair Dhùn Dè.
Thig am poileasaidh ùr an gnìomh bho Dhidòmhnaich.
"Tha na coimhearsnachdan againn, gu h-àraid coimhearsnachdan eileanach, a' crochadh gu mòr air na puirt-adhair againn airson seirbheisean deatamach, agus tha sinn an-dràsta ag obair còmhla ri Còmhdhail Alba agus Loganair gus clàr-ama bunaiteach a chur air dòigh a nì cinnteach gun glèidhear na seirbheisean seo," thuirt HIAL.
"Tha na seirbheisean seo a' gabhail a-steach a bhith a' gluasad euslainteach às leth an NHS, obair a' Phuist Rìoghail agus gnìomhachas na h-ola 's a' ghas.
"Nì na manaidsearan againn cinnteach gun ruith na puirt-adhair againn mar a tha a dhìth."