Dùil ri aonta air sgoil Ghàidhlig ùr an Glaschu
- Published
Tha dùil gun aontaich comhairlichean ann an Glaschu Diardaoin, cead a thoirt do bhun-sgoil Ghàidhlig ùir air taobh sear a' bhaile.
Tha dùil cuideachd gun tèid inbhe sgoil fa-leth a chur air an sgoil Ghàidhlig ann am Baile Ghobhainn a tha an-dràsta gu h-oifigeil mar phàirt de Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu.
Às dèidh co-chomhairle ann an Glaschu, bha taic mhòr ann airson an dà cheum.
Bhiodh seo a' fàgail gum biodh ceithir sgoiltean Gàidhlig anns a' bhaile uile gu lèir.
Tha Riaghaltas na h-Alba air maoineachadh luach £2m a thoirt seachad airson togalach sgoil Ghàidhlig ùir dhan bhaile ach feumar barrachd a chur ri seo mus tachair e.
Thathar an dùil gun tèid an sgoil a thogail air làrach seann bhun-sgoil Naomh Seumas ann an sgìre na Calltainne.
Coinnichidh buill na Comhairle ann an coinneimh fòna Diardaoin air sgàth suidheachadh a' Choròna-Bhìorais.