Taic ionmhais don iasgach

Bàta-iasgaich

Dh'fhoillsich Riaghaltas na h-Alba taic a bharrachd do ghnìomhachas an iasgaich airson a chuideachadh le a bhith a' cumail a' dol tro staing a' Choròna-Bhìorais.

Tha iad air £5m a chomharrachadh airson taic ionmhasail a chumail ri companaidhean iasgaich a tha a' fulang ri linn na buaidhe a tha am bhìoras a' toirt air an eaconomaidh.

Bidh a' mhaoin ùr fosgailte do 650 companaidh a th' ann an staing leis mar a tha na maragaidhean ris am b' àbhaist dhaibh a bhith a' reic, gach cuid ann am Breatainn agus thall thairis, air a dhol à bith.

Anns a' chiad dol a-mach gheibh feadhainn le bàtaichean-iasgaich nas lugha na dusan meatar de dh'fhaid dìoladh luach 50% de na chosnadh iad thairis air dà mhìos.

Tha an Riaghaltas cuideachd ag ràdh gu bheil iad ag obair air sgeama taice do chompanaidhean giollachd agus luchd-àraich mhaoraich.