"Cuiribh tursan aiseig dheth air-loidhne"

MV Loch Seaforth
Image caption Tha CalMac air a h-uile turas air na soithichean aca a chur dheth chun an 16mh la den Iuchar, ach a-mhàin siubhal sam bith a tha riatanach do mhuinntir nan eilean no luchd-gnothachais a tha a' ruith seirbheis a tha riatanach.

Tha a' chompanaidh aiseig Caledonian Mac a' Bhriuthainn a' cur ìmpidh air luchd-siubhail a th' airson tursan a chur dheth a dhol air-loidhne airson sin a dhèanamh.

Chuir cha mhòr 5,000 duine fios orra air a' fòn ann an aon la.

Tha buaidh a' Choròna-Bhìorais a' ciallachadh gu bheil lùghdachadh air tighinn air na seirbheisean aig CalMac anns na h-ionadan fòna aca.

Ach aig an aon àm, tha tòrr mòr a bharrachd na an àbhaist a' feuchainn ri faighinn troimhe thuca.

Thathar a' comhairleachadh do dhaoine aig a bheil turas air a chur air dòigh a dhol air-loidhne airson a chur dheth.

Dìon sheirbheisean

Thuirt Ceannard Sheirbheisean luchd-cleachdaidh ChalMac, Alan Hood, gun robh an luchd-obrach an-dràsta a' dìon nan seirbheisean aca do mhuinntir nan eilean aig a bheil cead siubhal ma tha sin riatanach, agus luchd-bathair.

Thuirt Mgr Hood gun robh e a' tuigsinn gun robh uallach air cuid mu na planaichean siubhail aca, ach gun robh na bha de dhaoine a' fònadh a-steach a' ciallachadh gun robh e duilich dèiligeadh ri cùisean a tha deatamach.

Thuirt e gum faod daoine a th' airson an turas aca a chur dheth sin a dhèanamh tron làraich-lìn aca gun duilgheadas.

Tha CalMac air a h-uile turas air na soithichean aca a chur dheth chun an 16mh la den Iuchar, ach a-mhàin siubhal sam bith a tha riatanach do mhuinntir nan eilean no luchd-gnothachais a tha a' ruith seirbheis a tha riatanach.