Iarrtas ceann-là IACS a chur air ais

Talamh Croite Image copyright Hazel Smith/Geograph

Tha am BPA Dòmhnall Camshron air sgrìobhadh gu Rùnaire na h-Eaconomaidh Dùthchail a' nochdadh dragh a th'air cuid de chroitearan nach fhaigh iad air foirmichean IACS a chrìochnachadh ann an deagh àm.

Tha cuid de chroitearan fhathast nach urrainn na foirmichean a lìonadh air-loidhne, agus le oifisean Roinn nan Gnothaichean Dùthchail dùinte leis a' Choròna-Bhìorais, tha eagal orra nach bi iad deiseil ron cheann-là ann am meadhan a' Chèitein agus gun caill iad an subsadaidh air a bheil mòran aca a' crochadh airson an cumail ris an obair.

Tha Mgr Camshron ag iarraidh gun tèid an ceann-là a chur air ais.

Tha grunn math chroitearan, gu h-àraid feadhainn a tha suas ann am bliadhnaichhean, a tha faighinn cuideachaidh bho oifisean Roinn nan Gnothaichean Dùthchail agus Colaiste an Àiteachais anns gach sgìre airson foirmichean IACS a lìonadh.

Is coltach nach eil fios cinnteach air tighinn chun nan oifisean bho Riaghaltas na h-Alba dè tha an Riaghaltas a' dèanamh mu dhèidhinn, agus ged a tha an EU air mìos a bharrachd a thoirt do dhùthchanan eile, chan eil sin a' buntainn ri Breatainn ri linn Bhrexit.