Luchd-tadhail ospadail gan casg

Ospadal nan Eilean

Tha NHS nan Eilean Siar air innse gu bheil ospadalan nan eilean a-nis dùinte do luchd-tadhail.

Thuirt a' bhuidheann, às dèidh an stiùiridh ùir a dh'fhoillsich an Riaghaltas na bu tràithe den t-seachdain, gun tàinig iad chun a' cho-dhùnaidh gun deadh luchd-tadhail ann an ospadalan nan eilean air fad a chasg.

Thuirt iad gu bheil an casg ag amas air luchd-obrach agus euslaintich a dhìon, agus gun robhas airson dèanamh cinnteach gun deadh a h-uile ceum a b' urrainn a chur an-sàs airson ospdalan is goireasan slàinte a chumail sàbhailte.

Tha an casg a' tòiseachadh sa bhad.

Thuirt am brath gun deadh fios a chur air teaghlaichean nan robh luchd-obrach slàinte a' faireachdainn gun robh euslainteach ann an suidheachadh far am bu chòir dhaibh a bhith an làthair.

Thuirt Uilleam MacFhionnlaigh bho NHS nan Eilean Siar, gu bheil e mar phrìomhachas dhan bhuidhinn a bhith a' coimhead às dèidh euslainteach agus luchd-obrach, agus gu bheil gach ceum a thathas a' cur an àite ag amas air sin a dhèanamh.

Chaidh co-dhùnadh cuideachd Ionad Fiaclaireachd Castleview ann an Steòrnabhagh a dhùnadh rè ùine.

Fo stiùireadh nàiseanta, cha bhi ach obair fiaclaireachd èiginneach a' dol air adhart.

Bu chòir do dh'euslaintich ann an Leòdhas is na Hearadh a tha feumach air sin fònadh gu Ionad Fiaclaireachd nan Eilean Siar, is bu chòir do dh'fheadhainn ann an Uibhist is Barraigh fios a chur air Ionad Fiaclaireachd Lionacleit.