CnES deiseil 'son dèiligeadh ri iarratas ghnìomhachasan airson taic-airgid

Oifisean Comhairle nan Eilean Siar

Tha Comhairle nan Eilean Siar ag ràdh gu bheil iad deiseil airson dèiligeadh ri iarrtasan airson taic-airgid a chuidicheas gnìomhachasan air a bheil sgapadh a' Choròna-Bhìorais a' toirt buaidh.

Tha grantaichean rim faotainn dhaibh fo sgeama Riaghaltas na h-Alba a thug iad a-steach airson taic a chumail ri luchd-gnothachais.

Tha taic-airgid luach eadar £10,000 agus £25,000 ri fhaotainn do dhaoine a rèir an t-seòrsa faochaidh agus cuideachaidh a bha iad a' faighinn mu thràth, agus a rèir dè seòrsa gnìomhachais a th' aca.

Thuirt Ceannard na Comhairle, Ruairidh MacAoidh: "Tha sinn a' cur fàilte air an taic riatanaich seo do ghnìomhachasan aig an àm dhuilich seo.

"Tha sinn a' tomhas gur dòcha gum faigh còrr air 700 gnìomhachas beag air a bheil an eaconomaidh againn an eisimeil cuideachadh fon sgeama seo, agus bidh na h-oifigich againn ag obair gu cruaidh airson dèanamh cinnteach gum faigh iad am pàigheadh seo cho luath agas a ghabhas."