Ionad Eastgate an Inbhir Nis dùinte ach bùithdean riatanach

Air fhoillseachadh
tùs an deilbh, Geograph

Cha bhi ach bùithdean a tha a' cumail stuth agus seirbheis a tha riatanach dhan phoball fosgailte ann an Ionad Eastgate ann an Inbhir Nis.

Tha seo airson cumail ri stiùireadh ùr an Riaghaltais airson dèiligeadh ri èiginn a' Choròna-Bhìorais, agus riaghailtean ùra a thaobh a bhith a' cumail astair eadar daoine.

Ann am brath-naidheachd thuirt manadsairean an ionaid gun robh iad ag obair gu cruaidh airson taic a chumail ri bùithdean a bhiodh fhathast fosgailte airson a bhith a' frithealadh na choimhearsnachd.

Thug iad taing dhan luchd-malairt a tha trang ag obair ann an suidheachadh dùbhlanach gun samhail airson dèanamh cinnteach gum faigh luchd-ceannaich na tha a dhìth orra.

Tha còrr agus 50 bùth san ionad agus 13 àiteachan-bìdhe ach cha bhi fosgailte ach Boots, Banca Rìoghail na h-Alba agus M&S; bidh ìre 3 den phàirce-chàraichean cuideachd fosgailte.

Tha iad a' cur an cuimhne dhaoine gum faigh iad air tadhal air na bùithdean air làrach-lìn an ionaid neo tro na meadhanan sòisealta.