Dusan dachaigh "fa-leth" ann an Tiriodh
- Air fhoillseachadh

Ann an Tiriodh, tha comharran den Choròna-Bhìoras air daoine ann an dusan dachaigh agus tha na daoine sin a' fuireach a-staigh.
Tha dotair an eilein air draghan a thogail mun t-suidheachadh, is i ag ràdh nach eil cead aice deuchainnean a dhèanamh orra.
Thuirt i cuideachd nach eil aon inneal analachaidh aca, ach gu bheil uàrd air ullachadh anns an Eaglais Bhaistich ma dh'fhàsas cùisean nas miosa.
"An-dràsta ann an Tiriodh, tha muinntir dusan dachaigh gan cumail fa-leth," thuirt an Dr Lindsay Kerr.
Inneal Analachaidh
"Tha aon euslainteach no dithis euslainteach anns gach taigh dhiubh sin.
"Tha dàrna cuid comharran casad no fiabhras - no an dà chuid - orra.
"Aig an ìre seo, dh'iarr sinn orra an cumail fhèin fa-leth, 's sinn a' gabhail ris gur dòcha gu bheil an Coròna-Bhìoras orra.
"Ach chan eil dòigh sam bith againn fios a bhith againn co-dhiù tha sin fìor," thuirt i.
Tha poileasaidh ann aig an ìre seo nach fhaigh deuchainn ach luchd-obrach slàinte, 's ri linn sin chan eil cead aig an dotair deuchainn a dhèanamh air feadhainn sa choimhearsnachd.
Coimhearsnachd
"Tha e ga dhèanamh gu math doirbh do dh'eilean leithid Thiriodh," thuirt an Dr. Kerr.
"Aon uair 's gu bheil grunn dachannan againn gan cumail fa-leth, tha e a' gearradh na tha de dhaoine a dh'fhaodas obrachadh sa choimhearsnachd gu mòr.
"Rinn sin deuchainn air neach-obrach slàinte an-diugh. 'S e pròiseas gu math sìmplidh a th' ann - dìreach suab sròine is amhaich àbhaisteach a th' ann," thuirt i.
Chan eil inneal analachaidh sam bith san eilean, agus tha ceist air an dotair am bi an itealan-eiridinn ri fhaotainn no an urrainn dha laighe air an eilean a rèir na h-aimsire.
Le sin tha iad air uàrd ullachadh le dà leabaidh ospadail anns an Eaglais Bhaistich.
Tha a' choimhearsnachd air ullachadh a dhèanamh airson a' bhìorais o chionn cola-deug a-niste.
"Tha a' choimhearsnachd air tighinn ri chèile ann an dòigh a tha mìorbhaileach," thuirt Rhoda Meek, a tha a' fuireach san eilean.
"Tha buidheann againn, agus 's e TAIC an t-ainm a th' air - Tiree Action In the Community.
"Agus tha buidheann againn air WhatsApp, agus ma tha càil a dhìth tha sinn a' feuchainn ri chuideachadh," thuirt i.
A thuilleadh air sin thathas ag ullachadh sgeama taice shònraichte do chroitearan a tha tinn.