Clàradh cloinne luchd-obrach riatanaich

Comhairle nan Eilean Siar

Tha Comhairle nan Eilean Siar ag iarraidh air luchd-obrach riatanach a tha ag iarraidh cothrom fhaighinn air foghlam agus cùram-àraich dhan cuid chloinne foirm a lìonadh gus a' chlann aca a chlàradh.

Ann am brath thuirt a' Chomhairle, às dèidh na dh'òrdaich am Prìomhaire agus am Prìomh Mhinistear oidhche Luain, gu bheil iad airson dearbhadh gu bheil taic ri fhaotainn ann an sgoiltean-àraich, bun-sgoiltean agus àrd-sgoiltean do chloinn luchd-obrach a tha gam meas riatanach airson na strìthe an aghaidh a' Choròna-Bhìorais.

Ach airson 's gun gabh an taic a tha sin "a chumadh nas fheàrr" tha siostam clàraidh air-loidhne ga chur an sàs bho Dhiciadain 25mh am Màrt air adhart.

Thèid measadh a dhèanamh air a h-uile iarrtas a th' ann, agus gheibh pàrantan dearbhadh co-dhiù am faod an cuid chloinne a dhol dhan sgoil no dhan sgoil-àraich.

Thathas ag iarraidh air luchd-obrach riatanach tighinn air adhart iad fhèin airson seo, agus feumaidh dearbhadh a bhith aca bhon luchd-fastaidh aca gu bheileas gam meas riatanach.

Ma tha dithis phàrantan ann an teaghlach gam meas riatanach, feumaidh an dithis aca foirm a lìonadh.

Gheibhear am foirm an seo