Làraichean togail gan dùnadh

Nicola Sturgeon sa Phàrlamaid fhalamh Image copyright PA Media

Chaidh òrdachadh do làraichean togail an Alba dùnadh mura bheil iad ag obair air pròiseactan riatanach leithid thogalaichean ospadail.

Dh'fhoillsich am Prìomh Mhinistear, Nicola Sturgeon, an t-òrdugh agus i a' bruidhinn ri Pàrlamaid na h-Alba mun t-suidheachadh a th' ann leis a' Choròna-Bhìoras.

Thuirt i gum bu chòir don a h-uile duine obrachadh bhon taigh ma ghabhas sin dèanamh.

Thuirt i nach bu chòir ach do bhùithdean a tha a' reic stuthan riatanach leithid bìdh no chungaidhean-lèigheis fuireach fosgailte.

Thuirt i cuideachd nach bu chòir do dh'fhactaraidhean fuireach fosgailte mura bheil iad an sàs anns an t-srì an aghaidh a' bhìorais fhèin.

Bha i a' bruidhinn agus Pàrlamaid na h-Alba ga dùnadh airson seachdain.

Dh'fhoillsich am Prìomh Mhinistear gu bheil a-niste 584 cùis den bhìoras an Alba - 85 suas air Diluain.

Tha dithis eile air bàsachadh, a' toirt àireamh a' bhàis an Alba gu 16.