Barrachd Phoileas air na sràidean

Published
image copyrightGetty Images

Thuirt Poileas Alba gum bi barrachd oifigearan air na sràidean ann an sgìrean air feadh na dùthcha gus stiùireadh a thoirt do dhuine sam bith nach eil a' leantainn nan ceumanan as ùire a dh'fhoillisich am Prìomhaire agus am Prìomh Mhinistear oidhche Luain.

Ann am brath air-loidhne às dèidh òraidean Bhoris Johnson is Nicola Sturgeon, thuirt Àrd-Chonnstabal Phoileas Alba, Iain Livingstone, gu bheil iad a' sùileachadh gun cuir a h-uile duine an làn-thaic ris na ceumanan ùra a chaidh fhoillseachadh.

Thuirt e gu bheil iad mothachail gu bheil reachdas ùr a' tighinn is gu bheil iad a' beachdachadh air mar a bhios e a' toirt buaidh air obair nam Poileas.

Dh'innis e san eadar-ama gum bi na Poilis a' cur barrachd oifigearan air na sràidean ann an sgìrean air feadh na dùthcha, is gun tèid stiùireadh a thoirt do dhuine sam bith nach eil a' leantainn nan ceumanan ùra.