Mèirle air dachannan cùraim

Published

Tha na Poilis ag iarraidh fiosrachaidh an dèidh mar a chaidh rudan a ghoid air luchd-còmhnaidh trì dachannan cùraim air Ghàidhealtachd.

Bhris mèirlich a-steach air Dachaigh Cùraim Isobel Fraser ann an Inbhir Nis, Loidse a' Mhill ann an Deimhidh agus Ionad Wade an Ceann a' Ghiuthsaich.

Thachair a' mhèirle eadar Dihaoine agus Disathairne.

Chunnacas suas ri ceathrar fhireannach ann an aodach dorcha faisg air dhà de na dachannan.

Cha deach duine a ghoirteachadh, ach tha na Poilis ag ràdh gun deach rudan a tha prìseil do dhaoine a ghoid.