Cha lean èisteachd an aghaidh ceannard Comhairle nan Eilean Siar

Ruairidh MacAoidh Image copyright Comhairle nan Eilean Siar
Image caption Chaidh Ruairidh MacAoidh a thaghadh mar cheannard Comhairle nan Eilean Siar ann an 2017

Cho-dhùin Coimisean nan Inbhean nach biodh e ceart cumail orra a' sgrùdadh gearain gun do bhris an Comh. Ruairidh MacAoidh riaghailtean modh.

Bhathar a' fàgail air Mgr MacAoidh nach do dh'innis e gun robh gnothach aige ri companaidh neach a tha càirdeach dha.

Bha Coimisean nan Inbhean gu bhith a' cumail èisteachd ann an Steòrnabhagh air 18mh den Mhàrt air na casaidean nach do chùm e ri còd-giùlain nan comhairlichean, ach chaidh sin a chur dheth air sgàth buaidh a' Choròna-Bhìorais.

Ann am brath-naidheachd Diluain, thuirt an Coimisean nach biodh e cothromach tuilleadh, neo a chum maith a' phobaill leantainn orra a' sgrùdadh na cùise.

Mhìnich iad gun robh dàil ro mhòr eadar an gearain a bhith air a thogail mu dheidhinn agus aithisg dheireannach Comisean nan Inbhean Eiticeil, agus gur ann mu rud teicnigeach a bha an gearain - cuin agus ciamar a chaidh ùidh a nochdadh.

Fhuair an aithisg nach robh Mgr MacAoidh a dh'aona-ghnothach a' feuchainn ri càil a chleith.