Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

23 Am Màrt 2020 Ùraichte aig Ùraichte aig

Laghan ùra

Thèid reachdas ùr èiginneach gu Taigh nan Cumantan an-diugh a bheir cumhachdan dhan riaghaltas dèiligeadh ri sgapadh a' Choròna-Bhìorais. Fo na laghan ùra bhiodh cead aig na poilis daoine air a bheil coltas a' bhìorais a chur gu aonarachd. Bhiodh cead cuideachd aig na h-ùghdarrasan stad a chur air cruinneachaidhean poblach agus puirt-adhair agus puirt-aiseig a dhùnadh. Tha dùil gun tèid an reachdas tro Thaigh nan Cumantan agus Taigh nam Morairean an taobh a-staigh là neo dhà.

Riaghailtean siubhail

Chaidh fàilte sna h-Eileanan Siar air dearbhadh gum bi casg bho na seirbhisean aiseig air a h-uile duine ach muinntir nan eilean agus seirbhisean deatamach agus èiginneach. Dh'ainmich Prìomh Mhinistear na h-Alba, Nicola Sturgeon, an casg sin an dèidh aithrisean gun do shiubhail mòran de luchd-turais à deas chun na Gàidhealtachd agus na h-Eileanan air an deireadh-sheachdain.

Ath-chuinge

Tha còrr 's mìle agus dà cheud ainm air ath-chuinge ag iarraidh air Comhairle na Gàidhealtachd Drochaid an Eilein Sgitheanaich a dhùnadh air a h-uile duine ach seirbhisean deatamach agus feadhainn aig a bheil deagh adhbhar a bhith a' siubhal. Tha na figearan às ùire mun bhìoras ag ràdh nach eil cùis idir sna h-Eileanan Siar agus gu bheil ochd dearbhte ann an sgìre NHS na Gàidhealtachd. Ach tha na h-ùghdarrasan slàinte ag ràdh gur e fìrinn na cùise gu bheil an àireamh gu math nas motha na sin.

Sgoiltean

Seo a' chiad latha air a bheil sgoiltean na dùthcha air fad dùinte. Bidh àite ann an cuid de sgoiltean fhathast do chloinn aig am bheil pàrantan sna dreuchdan 's cudromaiche. Ach tha e an urra fhathast ris na h-ùgdarrasan ionadail cò dha a bheir iad àite 'sna sgoiltean sin.

Iarrtas luchd-teasairginn

Tha luchd-teasairginn nam beann ag iarraidh air daoine gabhail ris a' chomhairle fuireach aig an taigh neo ma tha iad a' dol a-mach a choiseachd idir iad cumail ri slighean sàbhailte. Thàinig air Sgioba-Theasargainn an Eilein Sgitheanaich a dhol a-mach dà thuras air an deireadh-sheachdain. Thug iad naoi uairean de thìde a' cuideachadh dithis às an Fhraing a bha glacte san t-sneachd air a' Chuiltheann agus an dèidh sin thug iad ceathrar far Druim Thròndairnis.

Geamachan Oilimpiceach

Dh'aidich Prìomhaire Iapain, Shinzo Abe, airson a' chiad uair gur dòcha nach tèid na Geamachan Oilimpiceach air adhart ann an Tokyo air an t-samhradh. ' S e Canada a' chiad dhùthaich a leig fhaicinn nach bi iad a' cur sgioba dha na geamachan.

Cobhair air maraichean

Aon naidheachd eile ... chaidh ochdnar a thogail gu sàbhailteachd far bàta carago a chaidh air creagan mu shia mìle an iar thuath air an Eilean Sgitheanach tràth sa mhadainn an-diugh. Thug heileacoptar nam Maor-cladaich à Steòrnabhagh iad. Bha heileacoptar Steòrnabhaigh, bàta-teasargainn Phort Rìgh, soitheach nan taighean-solais, am Pharos, agus tug nam Maor-cladaich uile an làthair. 'S e criutha Ruiseanach a bha air a' bhàta anns a bheil còrr 's da cheud troigh agus a tha clàraichte sna Bahamas.