Criutha ga thoirt far bàta-bathair sa Chuan Sgìth

Heileacoptar nam Maor-Cladaich Image copyright Getty Images

Chaidh an criutha a bh'air bòrd bàta-bathair a bha a' seòladh gu tuath sa Chuan Sgìth a thoirt far an t-soithich le heileacoptair an dèidh dhi a dhol air na creagan tràth madainn Dhiluain.

Tha an soitheach mu shia mìle an iar-thuath air an Eilean Sgitheanach.

Chuireadh fios air na seirbheisean èiginn mu 01:51m agus rinn heileacoptair nam Maor-Cladaich à Steòrnabhagh cobhair air an ochdnar chriutha gan toirt gu sàbhailteachd.

Cho math ri heileacoptair Steòrnabhaigh, bha bàta-teasairginn Phort Rìgh, soitheach nan taighean-solais, Pharos, agus bàta-slaodaidh nam Maor-Cladaich uile an làthair.

'S e criutha Ruiseanach a bh' air bòrd a' bhàta anns am bheil 292 troigh agus a tha clàraichte sna Bahamas.

Tha dùil gu robh i air an t-slighe gu Slite san t-Suain à Drochaid Àtha (Drogheda) ann an Èirinn.

Thuirt tè-labhairt nam Maor-Cladaich: "Tha bàta-slaodaidh an MCA , Ievoli Black, aig an làraich a' cumail sùil air a' bhàta, ach cha deach aca air ball-langais a chur an sàs air sgàth na droch shìde.

"Tha plèana nam Maor-Cladaich a' tarraing dhealbhan bhon adhair a' sgrùdadh a bheil truailleadh ann.

"Tha an fheadhainn leis a bheil an soitheach a' conaltradh leis an MCA agus a' measadh nan roghainnean aca a thaobh a bhith a' glèidheadh càil den t-soitheach."