Muinntir na Comraich ag iarraidh air daoine gun tadhal orra

Soidhne Image copyright Jack @ Applecross Photography Gallery

Chaidh soidhnichean a chur an-àirde aig na cinn-rathaid chun na Comraich le teachdaireachd gu math soilleir.

Tha na sanasan ag innse dhan phoball gu bheil gnìomhachasn agus goireasan poblach na sgìre uile dùinte.

Tha iad cuideachd ag ràdh gu bheil a' choimhearsnachd a' feuchainn ri iad fhèin a dhìon bhon Choròna-Bhìoras le bhith ann an iomallachd.

'S e dùrachd an luchd-còmhnaidh gun toir luchd-siubhail spèis dhan iarrtas aca gus gun tionndaidh iad air falbh.

Tha an soidhne a' guidhe là math air daoine bhon a h-uile duine air a' Chomhraich agus ag innse gu bheil iad uile gu math.

Rinn iad soilleir, ge-tà, nach fhaigh daoine taighean-beaga neo àiteachan bìdhe fosgailte, ma roghnaicheas gun gabhail ri an iarrtas.

Image copyright Jack @ Applecross Photography Gallery