Iarrtas luchd-teasairginn nam beann 'son maill a chur air sgapadh Covid-19

Published
image copyrightThinkstock

Tha luchd-teasargainn nam beann airson agus gum fuirich luchd-coiseachd aig an taigh neo gun cùm iad ri slighean sàbhailte fhad 's a mhaireas èiginn a' Choròna-Bhìorais.

Thàinig air an sgioba san Eilean Sgitheanach a dhol a-mach dà thuras air an deireadh-sheachdainn.

Thug iad naoi uairean de thìde a' cuideachadh dithis às an Fhraing a bha glaicte san t-sneachd air a' Chuiltheann, agus an dèidh sin thug iad ceathrar far Bearradh Thròndairnis.

Ann am brath air na meadhanan sòisealta 's e an teachdaireachd a bh' aca gum biodh na beanntan ann an ath bhliadhna agus a' bhliadhna an dèidh sin agus gum bu chòir dèanamh cinnteach gum bi sinn fhèin ann cuideachd.

Tha a' bhuidheann nàiseanta a tha a' riochdachadh 14 sgiobaidhean-teasariginn air iarraidh air luchd-coiseachd agus daoine a tha ri cur-seachad air a' bhlàr a-muigh cumail ri rudan as àbhaist dhaibh a bhith ris agus a bhith a' cumail ri slighean as aithne dhaibh airson lùghdachadh a thoirt air iomairtean cobhair agus, mar sin, an cunnart gun sgaoil Covid-19.

Dh' innis Comann Bhothain nam Beann, an MBA, gum bi na bothain aca dùinte do luchd-tadhail gus an atharraich na riaghailtean a thaobh a bhith a' cumail astar eadar daoine.