Fàilte ga cur air riaghailtean aiseig ùra

Loch Seaforth

Chuir Comhairle nan Eilean Siar fàilte air òrdugh Riaghaltas na h-Alba gum bi casg air siubhal ach do dh'eileanaich agus luchd-bathair a-mhàin air aiseagan na h-Alba bho 22mh den Mhàrt.

Dh'fhoillsich Prìomh Mhinistear na h-Alba, Nicola Sturgeon, an naidheachd ri linn na h-iomagain a tha air a bhith air daoine mu na bha de luchd-turais a' tighinn dha na h-eileanan.

Fhad 's a tha staing a' Choròna-Bhìorais a' leantainn, cha bhi seirbheisean aiseig a' giùlain ach daoine bho na h-eileanan fhèin agus fiù 's aig a sin, feumaidh adhbhar deatamach a bhith aca airson siubhail.

Bidh cead aig làraidhean bathair faighinn a-mach is a-steach cuideachd.

Òrdugh riaghaltais

Tha Cathraiche na Còmhdhail aig Comhairle nan Eilean Siar, Ùisdean Robasdan, ag ràdh gu bheil iad toilichte gun do chuir am Prìomh Mhinistear cabhag sa ghnothach.

"Cha robh dùil againn ris chun an-diugh fhèin oir 's ann an-diugh tha am Bile a' dol tron phàrlamaid ach bha sinn air mìneachadh fhaighinn bho Chòmhdhail na h-Alba agus bha fios againn gu robh siud a' tighinn," thuirt e.

Thuirt Mgr Robasdan gum faigh iad barrachd soillearachaidh air mar a dh'obraicheas na riaghailtean ùra aig co-labhairt bhideo eadar Comhairle nan Eilean Siar agus Còmhdhail Alba Diluain.

"Feumaidh tu, mar eiseimplir, sealltainn gu bheil am prìomh sheòladh agad sna h-Eileanan ach tha tòrr de rudan ri obrachadh eadar sinn fhèin cuideachd agus Caledonian Mac a' Bhruthain," mhìnich an Comh. Robasdan.

Cosgaisean bathair

Dhearbh Mgr Robasdan gun d'fhuair iad iarrtas làidir airson agus nach tèid cosgaisean bathair suas mar às àbhaist aig toiseach na bliadhna ionmhais ùire neo gun tèid stad orra buileach aig an àm seo.

"Tha an còmhradh sin againn ri dhèanamh le Còmhdhail na h-Alba feasgar an-diugh," thuirt Mgr Robasdan agus e a' bruidhinn air Aithris na Maidne madainn Dhiluain.

Gheibh luchd-turais a tha air na h-eileanan a ruighinn mu thràth cothrom fhaighinn dhachaidh cho luath 's a ghabhas.

Luchd-turais

Bha Iagan MacNèill, a tha a' fuireach air tìr-mòr ach a bhuineas do Bharraigh, am measg luchd-iomairt a bha ag iarraidh air luchd-turais na h-eileanan a sheachnadh an-dràsta.

Thuirt e gur e naidheachd mhath a bh' ann gun do rinn Riaghaltas na h-Alba an co-dhùnadh seo agus nach biodh cead aca tuilleadh an turas sin a dhèanamh.

"'S e rud mì-chothromach a bha sin do mhuinntir nan eilean ach gu sònraichte do na sgiobaidhean slàinte a tha ag obair gu cruaidh an-dràsta," thuirt e.

Tha dragh fhathast mun àireamh dhaoine a tha air siubhal a dh' Earra-Ghàidheal agus chun na Gàidhealtachd anns an aon dòigh.

Tha ath-chuinge ann ag iarraidh bacadh coltach air drochaid an Eilein Sgitheanaich agus a tha air bàtaichean-aiseig.

Bha aithrisean ann à leithid a' Chùirn agus às a' Chuimrigh air an deireadh-sheachdain mun aon seòrsa trioblaid a bhith aca.

Dh'iarr an Riaghaltas cuideachd air daoine a bha am beachd taighean-samhraidh, taighean-òsta no àitean leabaidh is breacaist a chur air dòigh son àm na Càisge, sin a chur dheth agus fuireach aig an taigh.