Ìmpidh air CalMac cosgaisean bathair a lùghdachadh

Isle of Lewis

Nochd iarrtas gum bu chòir cur às, neo aig a' char as lugha, lùghdachadh a thoirt air cìsean bathair air seirbheisean aiseig ChalMac fhad 's a leanas staing a' Choròna-Bhìorais.

Sin beachd fear à Uibhist leis a bheil a' chompanaidh bathair, ND MacAskill & Son.

Tha Tormod MacAsgaill ag ràdh gun dèanadh sin faochadh do chompanaidhean beaga aig àm a tha glè dhoirbh dhaibh.

Tha e ag ràdh gu bheil e ag iarraidh air CalMac coimhead gu sònraichte air cosgaisean stuth a ghluasad eadar na h-Eileanan fhèin.

Cosgaisean mòra

Thuirt e gun cosg e faisg air £400 airson an stuth aige a ghiùlan dha na Hearadh à Uibhist.

"Tha e muladach gu bheil e nas saoire dhuinn a dhol a-mach dhan Eilean Sgitheanach na a dhol a-mach dha na Hearadh neo a Bharraigh à Uibhist," thuirt Mgr MacAsgaill.

Cha do nochd CalMac beachd mu bhith a' gearradh neo cur às do chìsean bathair agus tha iad air atharrachaidhean a dhèanamh air na seirbheisean bathair aca airson dèanamh cinnteach gum faigh muinntir nan Eilean biadh agus eile.

Bho Dhiluain 23mh den Mhàrt cha bhi seirbheis bathair eadar Steòrnabhagh agus Ulapul ann air an oidhche. Na h-àite bidh seòladh ann aig 11:30m.