Riaghailtean ùra a thaobh aiseagan

Published

Tha casg air siubhal ach do dh'eileanaich agus luchd-bathair a-mhàin air aiseagan na h-Alba bho Dhidòmhnaich.

Dh'fhoillsich Prìomh Mhinistear na h-Alba, Nicola Sturgeon, an naidheachd ri linn na h-iomagain a tha air a bhith air daoine mu na bha de luchd-turais a tha a' tighinn dha na h-eileanan.

Fhad 's a tha staing a' choròna-bhìorais a' leantainn, cha bhi seirbheisean aiseig a' giùlain ach daoine bho na h-eileanan fhèin agus fiù 's aig a sin, feumaidh adhbhar deatamach a bhith aca airson siubhail.

Bidh cead aig làraidhean bathair faighinn a-steach cuideachd.

Gheibh luchd-turais a tha air na h-eileanan a ruighinn mar tha cothrom fhaighinn dhachaidh cho luath 's a ghabhas.

Dh'iarr an Riaghaltas cuideachd air daoine a bha am beachd taighean-samhraidh, taighean-òsda no àitean leabaidh is breacaist a chur air dòigh son àm na Càisge, sin a chur dheth agus fuireach aig an taigh.

Tha cuid de dhaoine air a' Ghàidhealtachd air a bhith a' gearain mu na h-àireamhean de bhanaichean-campaidh a tha air a bhith a' nochdadh san sgìre 's iomagain orra gu bheil iad a' sgapadh a' bhìorais gun fhiosda, 's nach eil na goireasan ann 'son dèiligeadh riutha ma 's e is gum fàs iad tinn.