Barra Ban
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Casg air siubhal a Bharraigh?

20 Am Màrt 2020 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha muinntir Bharraigh ag iarraidh air daoine gun tadhal air an eilean an-dràsta ri linn a' Choròna-Bhìorais.

Tha iad ag ràdh gu bheil gu leòr de luchd-turais a' tighinn fhathast - a dh'aindeoin comhairle an riaghaltais gun a bhith a' siubhal mura h-eil e riatanach.

Tha dragh orra cuideachd nach eil na tha sin de ghoireasan ann a thaobh cùram meidigeach ma thig am bhìoras chun an eilein.

Fhuair Karen Elder air Tony Kearney, agus e fìor dhraghail mu mhàthair a tha a' fuireach am Barraigh agus a tha suas ann am bliadhnaichean.