Cruth atharrachadh air seirbheisean aiseig Leòdhais

Published
image copyrightCMAL

Tha Caledonian Mac a' Bhruthainn a' lùghdachadh na seirbheisean aca do luchd-siubhail agus ag atharrachadh àm na seirbheis bathair eadar Ulapul is Steòrnabhagh.

Bho Dhiluain 23mh den Mhàrt, sguiridh an t-seirbheis bathair tron oidhche.

Air sàilleabh bacaidhean co-cheangailte ri Covid-19, tha seirbheisean 0700 agus 1030 a' stad do luchd-siubhail.

Thathar a' cuir dàil de uair a thìde air seirbheisean 1400 agus 1730.

Thèid bathair a-nise a ghiùlain air seirbheis aig 0700 à Steòrnabhagh agus aig 1130 à Ulapul.

Thuirt stiùiriche ghoireasan Chal Mac, Raibeart Moireasdan, gu feumadh iad ceumanan a ghabhail airson seirbheisean riatanach a Leòdhas a chumail a' dol.

Bidh na h-atharrachaidhean an sàs chun 15mh den Iuchar.

Clàr-ama

Luchd-siubhail

Fàg Srn 1500

Rui Ul 1730

Fàg Ul 1830

Rui Srn 2100

Seirbheis Bathair

Fàg Srn 0700

Rui Ul 0930

Fàg Ul 1130

Rui Srn 1400

Coimheadaibh air www.calmac.co.uk airson an fhiosrachaidh air fad.

Dh' fhoillsich Cal Mac an dè gun robh iad a stad a' glèidheadh àite às ùr do luchd-siubhail chun an 15mh den Iuchair.

Thuirt iad cuideachd gun robh iad a' sguir a thabhann biadh teth air na seirbheisean aca.

Tha seo uile air sàilleabh buaidh a' Choròna-bhìorais.

Timcheall a’ BhBC

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh