Fèis nam Meadhanan Ceilteach dheth

suaidheantas CMF Image copyright CMF

Chaidh Fèis nam Meadhanan Ceilteach a chur dheth am bliadhna ri linn a' choròna-bhìorais.

Às dèidh còmhraidhean le cò-obraichean anns a' Bhreatainn Bhig agus baile Quimper, tha ceanardan na fèise air co-dhùnadh nach biodh e freagarrach an fhèis a chumail.

Thuirt iad gun robh iad fìor dhuilich ach gun robh iad a' cur slàinte an luchd-obrach agus na daoine a bhiodh an dùil tighinn ann air thoiseach air dad sam bith eile.

Giblean 2021

Bha còir aig an fhèis a dhol air adhart san Òg-mhìos ann a Quimper.

Tha na diofar dhùthchannan a tha an sàs air aontachadh gun tèid i air adhart anns a' Ghiblean an ath-bhliadhna.

Thèid duais Torc Umha a thoirt seachad am bliadhna ged tha, airson aire a tharraing chun obair ionmhalta a thathar a' dèanamh anns na meadhanan agus obair nam britheamhan.

Thèid fiosrachadh a' sgaoileadh mun sin nas fhaide air adhart.