Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

20 Am Màrt 2020 Ùraichte aig Ùraichte aig

Luchd-Obrach Riatanach

Tha ùghdarrasan na slàinte a' cur fios air còrr is 60,000 neach a bha nan nursaichean agus dotairean ag iarraidh orra tilleadh a chuideachadh le èiginn a' Choròna-Bhìorais, agus àireamh nan euslainteach ag èirigh. Tha luchd-obrach slàinte, na seirbheisean sòisealta, tidsearan, agus feadhainn a tha a' cumail a' bhìdhe agus stuthan eile ri bùthainnean air liosta de luchd-obrach a-niste air a bheil fìor fheum agus a dh'fhaodas an cuid chloinne a chur chun na sgoile. Tha sgoiltean a' dùnadh feasgar an-diugh dhan a h-uile duine, ach do chloinn so-leònta no feadhainn aig a bheil pàrant a th' ann an dreuchd fìor chudromach.

An t-Seansalair

Foillsichidh an t-Seansalair stòras èiginneach an-diugh ag amas air dìon a chur air cosnaidhean agus pàigheadh an luchd-obrach. Tha cuideam air Rishi Sunak tuilleadh taice a thoirt do luchd-obrach agus dhan eaconomaidh.

Còmhdhail Phoblach

Thig atharrachadh air na seirbheisean rèile ann am Breatainn bho Dhiluain, agus cha bhi a' ruith a rèir a' chlàr-ama ach mun dàrna leth den na seirbheisean.

A' Ghearmailt

Anns a' Ghearmailt far a bheil nas lugha bàis leis a' bhìoras na th' ann an dùthchannan Eòrpach eile tha na feachdan armaichte a-niste an sàs ann an dèiligeadh ri buaidh a' bhìorais air na diofar roinnean agus seirbheisean poblach.

Na Margaidhean

Thàinig adhartas air na margaidhean ionmhais Eòrpach agus luchd-tasgaidh a' sireadh bhargainnean an dèidh seachdain caochlaidich. Tha am FTSE ann an Lunnainn suas còrr is 2%, agus bha àrdachadh 5% sa Ghearmailt agus anns an Fhraing.

CalMac

Chan eil Caledonian Mac a' Briuthainn a' gabhail bucadh às ùr air na seirbheisean acasan eadar seo 's an 15mh là den Iuchar. Ma chuir duine seòladh air dòigh ron seo tha sin ceart gu leòr, agus faodaidh luchd-siubhail cuideachd a dhol chun a' phuirt-aiseig air an là feuch am faigh iad àite air a' bhàta ma tha an t-seirbheis a' ruith. Thuirt CalMac gun toir iad prìomhachas do chùis èiginn.

An Aghaidh Mhòr

Thuirt Co-Bhanntachd Turasachd na h-Alba gu bheil MacDonald Hotels, dham buin taigh-òsta mòr san Aghaidh Mhòir, a-niste a' tabhann obrach agus àite sam fuirich iad air feadhainn a chaill an obair aig Taigh-Òsta Drochaid na Cuingleum. Fhuair Britannia Hotels dham buin an taigh-òsta sin an càineadh airson luchd-obrach a chur às an obraichean agus an cur a-mach às na h-àiteachan-fuirich.