Inneal deuchainn CB dha na h-Eileanan Siar

Dealbh den bhìoras Image copyright Panorama Images

Tha dragh air Ball-Pàrlamaid nan Eilean Siar, Aonghas Brianan MacNèill mu cho deiseil 's a tha na h-eileanan gus dèiligeadh leis a' Choròna-Bhìoras.

Thuige seo, cha deach cùis den bhìoras a dhearbhadh anns an sgìre.

Cha do rinnear deuchainnean airson a' bhìorais anns na h-eileanan oir chan eil inneal ann a nì iad.

Chaidh deuchainnean a dhèanamh air cuid agus an cur gu tìr-mòr gus toraidhean fhaighinn, ach cha deach gin idir a dhèanamh Diciadain agus Diardaoin (18mh agus 19mh là den Mhàrt).

Chan eil Mgr MacNèill BP air a bhith anns a' Phàrlamaid an t-seachdain seo agus eagal air gum faigheadh e am bhìoras an sin 's gun toireadh e air ais leis e dha na h-eileanan.

Glic

"Chan eil e glic a dhol a Lunnainn an-dràsta. Tha mi a' smaointinn gu bheil a mhòr-chuid den bhìoras seo ann an Lunnainn agus mar sin tha mi air a bhith iomagaineach mu dh`eidhinn a bhith a' dol ann," thuirt Mgr MacNèill.

"Chan eil mi airson a bhith a' dol am measg nan àiteachan far a bheil seo nas cumanta 's nas làidire agus gum bithinn fhìn ga thoirt gu daoine eile - 's e uallach agus cùram a tha sin.

"'S e uallach agus cùram a th' ann cuideachd nach eil rannsachadh agus na deuchainnean a' dol air adhart airson am fios a bhith againn co mheud a tha a' fulang leis an seo," thuirt e.

"An-dràsta, cha deach deuchainn a dhèanamh air duine sam bith - chan eil fhios againn air sàilleibh nach eil sinn a' dèanamh nan deuchainn idir.

"Bidh cola-deug mus tig inneal air a shon agus nì an t-inneal a tha sin 50 deuchainn san là.

Iomagain

"Ach gu mì-fhortanach ann an cola-deug eile, tha mi a' smaointinn gum bi an suidheachadh gu math diofrach seach dìreach mar a bha an suidheachadh bho chionn cola-deug air ais.

"Tha seo a' gluasad gu math luath agus tha e na adhbhar dragh is iomagain gu bheil e mar a tha e.

"Chan eil mi airson gum bi dragh agus eagal air daoine. Bu mhath leam dìreach gum biodh daoine a' fuireach air falbh bho chèile, ma tha iad ann am bùithdean fuireach air falbh bho chèile cho math 's as urrainn dhaibh. Fuirich air falbh bho chruinneachaidhean mòra agus dèanaibh na rudan a th' air am moladh an-dràsta airson slàinte agus math dhaoine.

"Tha fhios againn nach eil analaichearan gu leòr anns an dùthaich airson an t-seòrsa ghalair a tha seo. Mar sin chan eil e math ann an dòigh sam bith.

"Sin as coireach gum biodh e math deuchainnean a bhith gan dèanamh an-dràsta.

"A bhith a' dèanamh cinnteach gun robh sinn, mar a tha Buidheann Slàinte na Cruinne ag ràdh airson slàinte an t-Saoghail, gum biodh sinn a' dèanamh dheuchainnean. Gum biodh sinn a' coimhead ach càite bheil e is an uairsin gum bi sinn a' dèanamh leasachaidh air sin," thuirt e.

Toradh

Thuirt Bòrd Slàinte nan Eilean Siar gu bheil iad a' dèanamh dheuchainnean a rèir poilisidh NHS na h-Alba.

Chaidh aon inneal airson toradh dheuchainnean a dhèanamh, a chur air leth dha na h-Eileanan Siar. Bheir an t-inneal sin fios cinnteach air toradh deuchainn ann an trì uairean de thìde.

Tha an t-inneal air a shlighe dha na h-eileanan, agus air a' char as fhaide bidh e aca an ceann cola-deug, ach tha iad a' feuchainn ri fhaighinn nas tràithe.

A rèir nam planaichean an-dràsta bidh e stèidhichte ann an Ospadal nan Eilean ann an Steòrnabhagh far a bheil an luchd-obrach a tha an urrainn obrachadh.