Mì-chinnt mu chùmhnantan bhusaichean Uibhist

Bus an Uibhist Image copyright Richard Webb Geograph

Le cùmhnantan nam busaichean ann an Uibhist is Barraigh a' tighinn gu crìoch agus le sgoiltean a' dùnadh tha dragh air companaidhean mu na thachras dhaibh a-nis.

Bha na cùmhnantan a chaidh aontachadh bho chionn 4 bliadhna a' tighinn gu crìoch aig deireadh na mìos seo, agus bha dùil gum biodh na cùmhnantan airson na bliadhnaichean ri thighinn a' tòiseachadh sa Ghiblean.

Airson sin tachairt dh'fheumadh companaidhean nam busaichean pròiseas tagraidh Comhairle nan Eilean Siar a leantainn.

Bha dùil gum biodh sin a' tachairt as t-fhoghar an-uiridh, ach cha do thòisich e gu toiseach na bliadhna sa.

Cha mhòr nach eil mìos ann bhon cheann là airson na tagraidhean sin a bhith aig a' Chomhairle, agus a rèir clàr-ama a phròiseas, bha còir aig na litrichean a' dearbhadh cò na companaidhean a bh' air soirbheachadh leis, a dhol a-mach Diluain sa chaidh - ach cha do thachair sin.

Riaraichte

Tha am BBC a' tuigsinn gun deach innse dhaibh an t-seachdain sa, nach eil a' Chomhairle riaraichte gu bheil na tagraidhean a riochdachadh an luach as fheàrr, agus mar sin cha bhì cùmhnantan còmhdhail nan sgoiltean gan aontachadh anns a phròiseas seo.

Bithear a' bruidhinn ris na diofar chompanaidhean bhusaichean, airson na cumhnantan a th' ann a' leudachadh airson an ùine eadar-amail.

Ach, tha am BBC a' tuigsinn, gun deach innse gu bheil a' Chomhairle an dùil na cùmhnantan airson seirbheisean a' phobail ann an Uibhist a Deas agus Beinn na Faoghla, aontachadh.

Leis mar a tha sgoiltean a-nis a dùnadh is daoine a' feuchainn ri stad a chuir air sgapadh a' Choròna-Bhìoras, cha bhì feum air còmhdhail sgoiltean airson cò aig a tha brath dè cho fada agus chan eil fhios dè a bhuaidh a bhitheas aig a sin air an t-suidheachadh.

Sùbailte

Thuirt neach-labhairt bho Chomhairle nan Eilean Siar nach robh anns na deitichean anns an fhiosrachadh airson tagraidhean ach molaidhean agus gum feumadh iad a bhith sùbailte.

"Chan urrain dhuinn an còrr a ràdh air pròiseas tagraidh a tha fhathast a' dol, ach gu bheil a chomhairle a' beachdachadh air na roghainnean a th' ann airson cùmhnantan bhusaichean Uibhist agus Barraigh," thuirt an neach-labhairt.

"Chaidh an co-dhùnadh beachdachadh air na cùmhnantan fa leth a thoirt mus do dh'èirich an t-suidheachaidh slàinte seo, ach, gu follaiseach a-nis, thathar a' beachdachadh orra le smuain air na dh'fheumas tachairt a thaobh daoine a dhìon bhon Choròna-Bhìoras agus leis gu bheil na sgoiltean air fad dùinte," thuirt iad.