Ullapool
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Buaidh a' bhìorais air turasachd ann an Ulapul

19 Am Màrt 2020 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha mì-chinnt is iomagain oirnn uile mu dè thachras anns na mìosan a tha romhainn, agus gu h-àraid air luchd-gnothachais beaga 's gun fios aca am bi e comasach dhaibh cumail a' dol.

Chuala sinn a-raoir mu cho iomagaineach 's tha gnìomhachasan san Òban mu bhuaidh a' Choròna-Bhìorais.

A-nochd tha sinn ann an Ulapul far a bheil Fionnlagh Cunniffe air a bhith a' toirt sùil air mar a tha daoine a' dèiligeadh ri cùisean air thoiseach air seusan na turasachd.