Barra Atlantic
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Dragh mun iasgach 's luchd-giollachd

19 Am Màrt 2020 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha cunnart ann nach bi iasgairean no luchd-giollachd ann tuilleadh air sgàth a' Choròna-Bhìorais - mura faigh iad taic an Riaghaltais.

Sin a rèir Dhòmhnaill Eòsa MhicIllEathain, Manaidsear Barratlantic.

Tha a' chompanaidh ghiollachd-èisg fo uallach mòr agus iad air fios fhaighinn an t-seachdain seo bho chuid de na companaidhean thall-thairis a bhios a' gabhail èisg is maoraich bhuapa, nach eil iad airson sgath a cheannach.

Seo Karen Elder.