Bucadh ga stad air seirbheisean ChalMac

Aiseag

Cha ghabh àite a chur air dòigh ro-làimh air aiseagan ChalMac fad nan ceithir mìosan a tha romhainn, ri linn a' Choròna-Bhìorais.

Bho Dhihaoine, cha bhi biadh teth ri fhaotainn air bòrd nan soithichean aiseig aca nas motha.

Thuirt CalMac gun robh comas aca an-dràsta cumail ri seirbheisean nan clàran-ama àbhaisteach aca.

Ach thuirt iad gum feumadh iad planaichean a dhèanamh mu choinneimh buaidh sam bith a dh'fhaodadh am bhìoras a thoirt air na seirbheisean aca.

Atharrachaidhean

Suas chun an 15mh là den Iuchar, cha bhi e comasach àite a ghlèidheadh air na h-aiseagan.

Thèid àiteachan sam bith a chaidh a chur air dòigh mar-thà suas chun an 15mh là den Iuchar a ghlèidheadh, ma bhios seirbheisean a' ruith.

Faodaidh daoine nach eil air àite a chuir air dòigh ro-làimh nochdadh aig na puirt ach bhiodh e a rèir 's dè cho trang 's a bhios e, am faigheadh iad air bòrd.

Thuirt a' chompanaidh gun cumadh iad orra a' toirt prìomhachais dha na seirbheisean èiginn agus suidheachaidhean meidigeach èiginneach.

Thuirt ceannard ChalMac Robbie Drummond, gu bheil cùisean ag atharrachadh fad na h-ùine agus gun tèid sgrùdadh làitheil a dhèanamh air an t-suidheachadh.