Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

19 Am Màrt 2020 Ùraichte aig Ùraichte aig

Sgoiltean

Thig fiosrachadh bho Rùnaire an Fhoghlaim, John Swinney, ann am Pàrlamaid na h-Alba feasgar mu dhùnadh sgoiltean agus sgoiltean-àraich na h-Alba bho a-màireach le sgapadh a' Choròna-Bhìorais. Chan eil cinnt ann fhathast dè thachras le deuchainnean na bliadhna seo, no do chloinn a tha a' faighinn dinneiaran sgoile an-asgaidh. Thuirt Mgr Swinney an-diugh gu bheil an Riaghaltas ag ullachadh plana do phàrantan aig a bheil clann-sgoile 's gu h-àraid do phàrantan a tha ag obair ann an seirbheisean slàinte no anns na seirbheisean èiginneach.

Seirbheisean Armaichte

Chaidh iarraidh air 20,000 de bhuill nam feachdan armaichte a bhith deiseil airson cuideachadh a' strì an aghaidh a' bhìorais. Tha Ministearachd an Dìon a' dùblachadh na h-àireimh a bheireadh taic dha na h-ùghdarrasan àbhaisteach nam biodh feum orra.

An t-Iasgach

Tha dragh ann mu ghnìomhachas an iasgaich air a' chosta an iar 's na margaidean ann an dùthchannan mar an Spàinn, an Eadailt agus an Fhraing dùinte. Tha feadhainn de bhàtaichean a' mhuasgain-chaoil air sgur a dh'iasgach agus air na clèibh a chur air tìr. Thuirt Rùnaire nan Cùisean Dùthchail, Fearghas Ewing, an-dè gu bheil Riaghaltas na h-Alba ag ullachadh taice dhan ghnìomhachas agus luchd-clèibh an taobh siar am measg sin.

HighlifeHighland

Tha HighlifeHighland, a' bhuidheann a tha a' ruith ghoireasan coimhearsnachd do Chomhairle na Gàidhealtachd, a' dùnadh nan ionadan aca gu lèir bho a-màireach. Bheir sin buaidh air taighean-tasgaidh, leabharlannan, ionadan spòrs agus amar snàmha, agus bidh iad sin uile dùinte gus an tig comhairle bhon Riaghaltas.

Hebridean Air

Thuirt Hebridean Air a tha a' ruith sheirbheisean adhair às an Òban gu eileanan Earra-Ghàidheal nach fhaod siubhal còmhla riutha a-niste ach feadhainn a tha a' fuireach sna h-eileanan, no buidhnean a tha a' cumail sheirbheisean cudromach ris na h-eileanan. Agus tha iad ag iarraidh air daoine am faradh a phàigheadh ro làimh gus an seachainn iad cho mòr 's as urrainn dhaibh daoine eile aig na puirt-adhair.

Sìona

Cha robh cùisean làitheil às ùr den Choròna-Bhìoras an taobh a-staigh Shìona airson a' chiad uair bho thòisich an galar ann am baile Wuhan aig deireadh na bliadhna an-uiridh. Bha dearbhadh ann air 34 cùisean às ùr dheth, ach 's ann a bha iad sin air feadhainn a shiubhail a-steach a Shìona à dùthchannan eile.