Oifisean Comhairle nan Eilean Siar a' dùnadh don phoball

Published
image copyrightCNES

Dùnaidh oifisean Comhairle nan Eilean Siar don phoball bho oidhche Dhiardaoin ann an oidhirp feuchainn ri stad a chur air a choròna-bhìoras bho bhith sgapadh.

Bidh na h-oifisean fosgailte dhan an luchd-obrach.

Bu chòir do dhaoine a tha lorg fiosrachadh bhon chomhairle fònadh air 01851 600 501 no air post-dealain gu: enquiries@cne-siar.gov.uk

Thèid coinneamhan aghaidh ri aghaidh a chumail ma tha iad riatanach, ach thathar ag iarraidh air daoine seirbheisean air loidhne a chleachdadh mus urrainn dhaibh https://www.cne-siar.gov.uk/

Thuirt neach-labhairt na comhairle gu bheil iad a' dèanamh seo mar phàirt den stiùireadh bho Riaghaltas na h-Alba a thaobh a choròna-bhìorais.