Tursan deatamach a-mhàin air seirbheisean Hebridean Air

Published

Dh'iarr a' chompanaidh adhair Hebridean Air a bhios a' frithealadh eileanan Earra-Ghàidheal gur e tursan deatamach a-mhàin a bu chòir a bhith aig daoine a tha a' cleachdadh na seirbheis fhad 's a tha staing a' Choròna-Bhìorais a' dol air adhart.

Thuirt iad nach gabh iad iarratasan airson Colla, Colbhasa, Ìle, agus Tiriodh ach bho dhaoine às na h-eileanan sin fhèin agus bho dhaoine a tha a' toirt seirbheis dheatamaich seachad airson beatha làitheil nan eilean.

A bharrachd air seo, thuirt a' chompanaidh gun tèid iarraidh air luchd-siubhail pàigheadh air thoiseach air an turas aca 'son 's nach bi aca ri bhith cruinn còmhla aig na puirt-adhair.